Sign in

Tòmas MacAilpein

@macailpein.bsky.social
363 followers 376 following 103 posts

Gàidhlig is Gaeilge. Ag obair do @faclair.bsky.social. Nam dheasaiche air an iris litreachais @steallmag.bsky.social. (Cuir teachdaireachd thugam ma tha beachd sam bith agad don iris!). Mo bharailean fhìn, tha fios.

PostsRepliesMedia
Reposted by Tòmas MacAilpein
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 22/09/2026
CROGAN-FEANNAIG 🍥 Inntreadh ùr: www.faclair.ac.uk/entries/106 Creutair-mara cruinn aig a bheil slige chruaidh agus gathan biorach; sea urchin (den ghnè Echinoidea). #croganfeannaig #seaurchin #Gàidhlig
Tuairisgeul mun ìomhaigh: Crogan-feannaig purpaidh (Sphaerechinus granularis), a’ Phortagail. An dealbh le Diego Delso, delso.photo (Cead CC BY-SA).
163
Reposted by Tòmas MacAilpein
Tuairisc @tuairisc.bsky.social · 18/09/2026
PODCHRAOLADH: 'Níl a fhios agam cá bhfuil muid a' gabháil’ – tá An Pod Gaeilge ar ais
tuairisc.ie
PODCHRAOLADH: ‘Níl a fhios agam cá bhfuil muid a’ gabháil’ – tá An Pod Gaeilge ar ais
Is í Gormfhlaith Ní Thuairisg atá in éineacht le Seán Tadhg, Pádraic, agus Maitiú don chéad eagrán den cheathrú séasúr de ‘An Pod Gaeilge’
294
Reposted by Tòmas MacAilpein
Lesley Riddoch @lesleyriddoch.bsky.social · 17/09/2026
Building a feminist nation. Feminist academics & writers propose excellent manifesto of well researched policies to improve women's lives in Scotland. Free download. books.sup.ac.uk/sup/catalog/... @sarasheridan
01310
Reposted by Tòmas MacAilpein
David Stifter 🍵📄🦊 @davidstifter.bsky.social · 14/09/2026
I got this t-shirt today. Not everyone in @maynoothuniversity.ie @muahi.bsky.social will love it... 🤣🤣🤣
3243
Reposted by Tòmas MacAilpein
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 11/09/2026
CUILEANN 🌿 Inntreadh: www.faclair.ac.uk/entries/6 Craobh-chuilinn: craobh shìor-uaine, le duilleagan gleansach is gathach, agus le dearcan dearga sa gheamhradh. Holly (Ilex aquifolium). #cuileann #Gàidhlig
Tuairisgeul na h-ìomhaigh: dealbh den chuileann (Ilex aquifolium) le Pierre-Joseph Redouté (1801). San àrainn phoblaich, agus ri faotainn an seo: https://commons.wikimedia.org/wiki/File:01_Ilex_aquifolium_par_Pierre-Joseph_Redout%C3%A9.jpeg
121
Reposted by Tòmas MacAilpein
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 02/09/2026
CATHAG DHEARG-CHASACH Cuideachd: CATHAG NAN CASAN DEARGA Brath-bloga ùr: www.faclair.ac.uk/blog/379/gd ’S e a’ chathag dhearg-chasach (red-billed chough) a tha fon phrosbaig aig Tòmas anns a’ bhrath-bhloga ùr seo. Tha e a’ trusadh na fianais a tha againn ann an Gàidhlig air an eun ainneamh sa.
Ìomhaigh (san àrainn phoblaich) den chathaig dhearg-chasaich ~ red-billed chough. Maille rithe tha an às-earrann as tràithe a tha againn air an eun a thruis Edward Lhuyd mu 1700 ann an Earra-Ghàidheal.
055
Reposted by Tòmas MacAilpein
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 20/08/2026
CATHAG ~ eun meadhanach mòr dubh is glas a tha càirdeach don fheannaig. An t-inntreadh: www.faclair.ac.uk/entries/46 #cathag #jackdaw
Cathag, ainm boireann. Dealbh den eun dubh is glas agus an às-earrann a leanas: "1955 Gairm 12 359 

Tha a’ chathag gu math nas lugha na an ròcas agus beagan glais innte; bradach, bragail ’na dòigh, spaideil, spàgach ’na gluasad, agus gu tric air a cumail ’na peata aig cloinn."
115
Reposted by Tòmas MacAilpein
NationCymru @nation.cymru · 02/08/2026
A new collection of poems sheds light on women’s poetic voices across Wales, Ireland and Scotland between 1400 to 1800
wp.me
New anthology shines light on centuries of Celtic women's poetry
A new collection of poems sheds light on women’s poetic voices across Wales, Ireland and Scotland between 1400 to 1800. The new anthology is a collaboration between academics at Aberystwyth, Connectic...
0139
Tòmas MacAilpein @macailpein.bsky.social · 19/08/2026
Ailean Dòmhnallach a’ seinn na pìob-bhig còmhla ri Tiarnán Ó Duinnchinn air a’ phìob-uilinn agus Laoise Kelly air a’ chlàrsach aig fèis pìobaireachd #PipingLive2026 ann an Glaschu. Ceoltóirí Gaelacha den chéadscoth!
011
Reposted by Tòmas MacAilpein
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 18/08/2026
GARMAN ~ fear dhe na croinn ann am beart-fhighe Inntreadh ùr: www.faclair.ac.uk/entries/99 Anns a’ Ghàidhlig Èireannaich, ’s e ‘garma’ a tha oirre seo: www.teanglann.ie/en/fgb/garma
Dealbh de bheart-fhige a dh’fhoillsicheadh ann am Faclair Dwelly ann an 1902, a’ comharrachadh far a bheil a’ gharman-shnàth agus a’ gharman-aodaich.
112
Reposted by Tòmas MacAilpein
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 12/08/2026
DUBHAR GRÈINE ~ solar eclipse Seo post gu math anmoch mu chuspair a tha air beul an t-sluaigh an-diugh! Tha diofar dhòighean air ‘solar eclipse’ a ràdh ann an Gàidhlig. ’S e ‘dùbhradh na grèine’ as cumanta a rèir toraidhean Chorpas na Gàidhlig, agus tha ‘dubhadh na grèine’ ri chluinntinn gu tric.
Dubhar grèine ~ solar eclipse. A’ sealltainn dealbh a’ mìneachadh mar a dh’obraicheas ‘dubhadh na grèine’ bho leabhar le Donnachadh M. Conall a dh’fhoillsicheadh ann an 1857.
184
Reposted by Tòmas MacAilpein
Comann Gàidhlig Ghlaschu @cgaidhligghlaschu.bsky.social · 03/08/2026
Oidhche nam Bàrd: Pàdraig MacAoidh, Anne Frater, Niall O’ Gallagher, Sandy NicDhòmhnaill, Rody Gorman, Marcas Mac an Tuairneir, Màrtainn Mac an t-Saoir, Maoilios Caimbeul, Crìsdean MacIlleBhàin, agus Meg Bateman. Ceòl le Alasdair MacIlleBhàin, Gillebrìde MacIlleMhaoil & Claire Frances NicNèill.
196
Reposted by Tòmas MacAilpein
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 17/07/2026
Thàinig Rannsachadh na Gàidhlig 11 (2026) gu crìch an-dè. Bha sgioba Fhaclair na Gàidhlig air ar dòigh bruidhinn ann an ciad làn-choinneimh na co-labhairt Dimàirt. Agus, ’s e tlachd dhà-rìribh a bh’ ann a bhith a’ frithealadh na co-labhairt fhèin. Dh’ionnsaich sinn an t-uabhas bho òraidean chàich.
032
Reposted by Tòmas MacAilpein
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 10/07/2026
#RannsachadhNaGàidhlig2026 an-ath-sheachdain ann an Oilthigh Ghlaschu: rannsachadh2026.gla.ac.uk Bruidhnidh sgioba Faclair na Gàidhlig aig a’ chiad làn-choinneimh air Dimàirt 14 Iuchar, 9.30m–10.30m air ‘Adhartas ann am Faclaireachd Eachdraidheil na Gàidhlig’. Tha sinn a’ dèanamh fiughair ris!
132
Reposted by Tòmas MacAilpein
Darach Ó Scolaí @darachoscolai.bsky.social · 02/07/2026
Maith iad Tuairisc! youtu.be/raotAsTloCY?...
youtu.be
‘Teorainneacha na Gaeltachta - marc teip i scrúdú na staire?’ – 100 Bliain na Gaeltachta
YouTube video by Tuairisc
132
Reposted by Tòmas MacAilpein
Aonghas Lambkin @aonghaslambkin.bsky.social · 02/07/2026
www.rte.ie/radio/rnag/c... Srian ar shaorántacht ar bhonn breithe curtha ar ceal, SÁM agus an Iaráin, Crith talún Veniseála, agus an Rúis ag fulaingt. na scéalta á phlé ag Antóin Mac Unfraidh agus Angus Lambkin, Oibrí Daonchairdis. @fachtna.bsky.social @rternag.bsky.social @tusaite.bsky.social
011
Reposted by Tòmas MacAilpein
Donncha ar Imeall an Domhain @kingdonncha1.bsky.social · 27/06/2026
Gaelaithe, a bhuí le Ciarán ar Cogar.
072
Reposted by Tòmas MacAilpein
Eoin Ó Riain @edlor.bsky.social · 01/07/2026
independent.ie
An ghéarchéim thithíochta sa Ghaeltacht le feiceáil
Nochtann taighde a rinne an teicneolaí ailtireachta Rob Cross an ghéarchéim thithíochta sa Ghaeltacht
011
Reposted by Tòmas MacAilpein
Vincent Morley @vmstarai.bsky.social · 30/06/2026
Seo daoibh mapa d'Éirinn sa bhliain 1500. Is é seo an chéad mhapa don dara imleabhar den magnum opus. 'Nua-stair na hÉireann' a bheidh air, nó 'Nuastair na hÉireann' b'fhéidir - táim idir dhá chomhairle maidir leis an bhfleiscín ...
3234
Reposted by Tòmas MacAilpein
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 01/07/2026
BODACH-STARRAIG 🌾👩‍🌾 www.faclair.ac.uk/entries/87 Is ionnan seo agus BODACH-RÒCAIS, mar a bha againn an-dè. Gu h-ìseal, leughar criomag bhon sgeulachd ghoirid èibhinn ‘Am Bas-àr’ a nochd anns a’ chiad àireamh de GAIRM (1952).
112
Reposted by Tòmas MacAilpein
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 01/07/2026
BODACH-RÒCAIS 👨🏻‍🌾 www.faclair.ac.uk/entries/88 Cumadh duine a chuirear ann an achadh airson eagal a chur air eòin gus nach ith iad sìl no bàrr. 𝟏𝟖𝟗𝟗 𝑀𝑎𝑐-𝑇𝑎𝑙𝑙𝑎 VII No. 42. 331 Lìon iad aodach Dhomhnuill deth ’n fhodar, a deanadh bodach-ròcais cho math ’sa sheas riamh air achadh. #bodachròcais
Tuairisgeul na h-ìomhaigh: ‘Scarecrow’ a nochd ann an sanas ann an iris Aimearaganach, 1942. Ri faotainn an seo: https://www.flickr.com/photos/86821724@N00/275402356
102
Reposted by Tòmas MacAilpein
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 26/06/2026
FALLAID 🍞🍚🌾 www.faclair.ac.uk/entries/84 Craiteachan de mhin-fhlùir no de mhin eile. 𝟏𝟖𝟗𝟏 Nic-a-Phearsoin 𝐷𝑎̀𝑖𝑛 𝑎𝑔𝑢𝑠 𝑂𝑟𝑎𝑖𝑛 𝐺ℎ𝑎̀𝑖𝑑ℎ𝑙𝑖𝑔 123 ’S gur e mo chrìdh tha cràiteach, | A’ faicinn dol mo chàirdean, | Ga ’m pianadh ris an àiteach, | ’S nach dean am bàrr an fhallaid dhaibh.
Tuairisgeul na h-ìomhaigh: clann a’ dèanamh bhriosgaidean agus fallaid (craiteachan de mhin-fhlùir) air a’ chunntair. An dealbh-camara le Nenad Stojković, le cead CC 2.0. Ri faotainn an seo: https://commons.wikimedia.org/w/index.php?curid=186476339
042
Reposted by Tòmas MacAilpein
Association for Scottish Literature @asls.org.uk · 21/06/2026
Dheigheadh sinn a dh’iasgach, mi fhèin is m’ athair, is lìonadh sinn an eathar le peilichean de rionnach, liutha, is dheigheadh sinn timcheall a’ bhaile gu gach nàbaidh gus am biodh na peilichean falamh… —Iain MacRath, “Dheigheadh sinn a dh’iasgach” Don’t. Even. Ask. Too. Hot.: NWS 42 #FathersDay
Iain MacRath
Dheigheadh sinn a dh’iasgach

Dheigheadh sinn a dh’iasgach,
mi fhèin is m’ athair,
is lìonadh sinn an eathar le
peilichean de rionnach, liutha,
is dheigheadh sinn timcheall a’ bhaile
gu gach nàbaidh gus am biodh na peilichean falamh.
Chunnaic mi m’ athair an raoir,
ged a chaochail e o chionn fichead bliadhna.
Chunnaic mi air na naidheachdan e
seacaid-teasairginn timcheall air
is an eathar làn,
làn de dhaoine.Iain MacRae
We’d go fishing

We’d go fishing,
me and my father,
and we’d fill the dinghy
with pails of mackerel, lythe,
and we’d go round the village
to each neighbour till each pail was empty.
I saw my father last night,
though he died some twenty years ago.
I saw him on the news
a safety jacket around him
and the dinghy full,
full of people.
054
Reposted by Tòmas MacAilpein
Wilson McLeod @wilsonmcleod.bsky.social · 19/06/2026
Feasibility study on Gaelic-medium secondary education for Comhairle nan Eilean Siar (Western Isles Council) that I conducted this year with Dr Fiona O’Hanlon and Kathryn MacAskill. The Comhairle will now develop a delivery plan and progress to a stage 2 review www.cne-siar.gov.uk/sites/defaul...
0165
Reposted by Tòmas MacAilpein
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 19/06/2026
Coinneamh mhòr eile! Thàinig an Comataidh Deasachaidh againn cruinn còmhla an-dè ann an Oilthigh Ghlaschu. 👩‍🏫📖📚 Bhruidhinn sinn mu chuid de na tòimhseachain ris a bheil deasaichean an fhaclair a' gleac an-dràsta, m.e., ceann-fhaclan, faclan fillte, ainmearan gnìomhaireach, structar nan gnìomhairean.
Dealbh den fheadhainn a bha coinneamh a' Chomataidh Deasachaidh. Tha an Comataidh Deasachaidh fhèin a’ gabhail a-steach Marace Dareau, an Dr Charles Dillon (Foclóir Stairiúil na Gaeilge), an Dr Anthony Harvey (The Dictionary of Medieval Latin from Celtic Sources), Andrew Hawke (Geiriadur Prifysgol Cymru), Iain MacDhòmhnaill, an t-Ollamh Uilleam MacGill’Ìosa, an t-Ollamh Roibeard Ó Maolalaigh, agus an t-Ollamh Boyd Robasdan.

Bha Màiri NicCumhais (Dachaigh airson Stòras na Gàidhlig), Gillian Rothach (Sabhal Mòr Ostaig), agus sgioba Fhaclair na Gàidhlig cuideachd an sàs sa choinneimh.
022
Reposted by Tòmas MacAilpein
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 19/06/2026
𝗿𝗼̀𝗰𝗮𝗶𝘀, 𝗿𝗼̀𝗰𝗮𝘀 An t-inntreadh as ùire againn: www.faclair.ac.uk/entries/86 𝙖𝟭𝟳𝟳𝟵 𝘚𝘰𝘯𝘨𝘴 𝘰𝘧 𝘑𝘰𝘩𝘯 𝘔𝘢𝘤𝘊𝘰𝘥𝘳𝘶𝘮 (1938) 66 Ceòl tha cho sgreataidh | Ri sgreadail nan ròcas. Dè chanas tu fhèin ris an eun seo: ròcais, ròcas, ròcaideach, no fiù ’s cnàimheach? #ròcas #ròcais #rook #CorvusFrugilegus
Tuairisgeul na h-ìomhaigh: Ròcas (Corvus frugilegus) ann an Inbhir Àir, Alba. Dealbh-camara le DickDaniels (https://theworldbirds.org/), ri fhaighinn bho https://commons.wikimedia.org/wiki/File:Rook_Corvus_frugilegus.jpg#/media/File:Rook_Corvus_frugilegus.jpg (CC BY-SA 3.0).
022
Reposted by Tòmas MacAilpein
Tim Armstrong @drilseach.bsky.social · 08/06/2026
Tha mi uamhasach toilichte aithris gu bheil An Luingeas Dorcha air Fàire anns na bùithtean a-nis!! Cuideachd, tha Air Cuan Dubh Drilseach air ais ann an clò an dèidh bhliadhnaichean mòra. Gheibhear fios far am faighear iad aig a' cheangal an seo: drilseach.net/2026/06/07/t...
drilseach.net
Tha iad ann an clò!
Tha mi toilichte a ràdh gu bheil an nobhail ùr agam, An Luingeas Dorcha air Fàire, a-nis anns na bùithtean! Cuideachd, rinn CLÀR ath-chlò-bhualadh dhen chiad nobhail anns an t-sreath, Air Cuan Dubh…
11611
Reposted by Tòmas MacAilpein
Leabhar Breac @leabharbreac.bsky.social · 09/06/2026
Mura bhfuil an t-úrscéal Flaitheas léite go dtí seo agaibh, inniu an lá! Is é inniu an 9 Meitheamh, Lá Pátrúin Cholmcille, an naomh is ábhar don úrscéal le Proinsias Mac A' Bhaird. leabharbreac.com/colmcille-la...
leabharbreac.com
Colmcille: Lá an Phátrúin - Leabhar Breac
Mura bhfuil an t-úrscéal Flaitheas léite go dtí seo agaibh, inniu an lá! Is é inniu an 9 Meitheamh, Lá Pátrúin Cholmcille, an naomh is ábhar don úrscéal le Proinsias Mac a'Bhaird.
181
Reposted by Tòmas MacAilpein
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 09/06/2026
𝗺𝗮𝗶𝗱𝗲-𝗳𝗲𝗮𝗻𝗻𝗮𝗶𝗴 Inntreadh ùr: www.faclair.ac.uk/entries/59 𝟭𝟵𝟵𝟳 𝘎𝘢𝘪𝘳𝘮 178 119 Theirte na maidean-feanaig ris na cabair air gach ceann den taigh ris an robh an sìoman air a cheangal aig na cinn. #taighdubh #Gàidhlig #maidefeannaig #sìoman
Tuairisgeul mun ìomhaigh: Seo dealbh a gheibhear ann an 1902 Dwelly 𝘈 𝘎𝘢𝘦𝘭𝘪𝘤 𝘋𝘪𝘤𝘵𝘪𝘰𝘯𝘢𝘳𝘺 III 922, fon fhacal 𝘵𝘢𝘪𝘨𝘩. Tha iomradh aige an sin air ‘Am Maide feannaig’, ach b’ fheudar dhuinn seo a shoilleireachadh. 

Thuirt am fiosraiche aig Eideard Dwelly na leanas cuideachd: ‘ach […] tha daoine a nis a’ fàs cho Gallda nach foghainn daibh ach an nett-wire (sic) no na ròpan feòir as a’ bhùthaidh!’ seach a bhith a’ dèanamh an t-sìomain-fhraoich aca fhèin. 

Faic: https://archive.org/details/a-gaelic-dictionary-vol.-iii/page/922/mode/2up
142
Reposted by Tòmas MacAilpein
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 05/06/2026
An t-seachdain sa chaidh, bha turas air leth aig sgioba Fhaclair na Gàidhlig a Bhaile Átha Cliath gus cèilidh air ar caraidean ann am Foclóir Stairiúil na Gaeilge, stèidhichte ann an togalach àlainn Acadamh Ríoga na hÉireann. #FoclóirStairiúilNaGaeilge @ria.ie
Luchd-obrach Fhoclóir Stairiúil na Gaeilge agus Fhaclair na Gàidhlig a' coinneachadh ann an Acadamh Ríoga na hÉireann, Baile Átha Cliath. 28 Cèitean 2026.
142
Reposted by Tòmas MacAilpein
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 05/06/2026
FAIDHBHILE 🌳 www.faclair.ac.uk/entries/12 𝙖𝟭𝟴𝟮𝟮 𝘔𝘢𝘤𝘓𝘢𝘤𝘩𝘭𝘢𝘯’𝘴 𝘎𝘢𝘦𝘭𝘪𝘤 𝘝𝘦𝘳𝘴𝘦 (1937) 191 Thurluing e, ’s fo’n fhaibhill ghuirm | Dhruid ri bannrigh bhuirb nan creuchd. Seo às-earrann bho thionndadh Gàidhlig a rinn Eòghann MacLachlainn (1775–1822) air Leabhar 7 dhen Iliad.
‘Faidhbhile a’ Phògaidh’ no an Kissing Beech. ’S e seann-chraobh a tha seo faisg air Caisteal Chill Ràthaig, Crothaidh, Siorrachd Inbhir Nis. Tùs na deilbh: https://www.facebook.com/photo/?fbid=122225949962101944&set=pcb.122225950046101944

Faic an t-inntreadh aig Urras nan Coilltean: https://ati.woodlandtrust.org.uk/tree-search/tree?treeid=28334#/
112
Reposted by Tòmas MacAilpein
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 26/05/2026
PLANAID 🌎 Inntreadh ùr: www.faclair.ac.uk/entries/85 Lorgar an teisteas as tràithe as aithne dhuinn den fhacal ann an liosta fhaclan leis an Urr. Raibeart Kirk (1644–1692). 𝙖𝟭𝟲𝟵𝟮 Kirk 𝘝𝘰𝘤𝘢𝘣𝘶𝘭𝘢𝘳𝘺 (1702) Planèid [...] A Planet. #planaid #Gàidhlig #RaibeartKirk
Seo dealbh-camara den Talamh a thog Reid Wiseman air bòrd an t-soithich-fhànais Orion, mar phàirt de dh’Artemis 2 – 3 Giblean 2026. Tùs na deilbh an seo: https://images.nasa.gov/details/art002e000192
132
Reposted by Tòmas MacAilpein
Tuairisc @tuairisc.bsky.social · 22/05/2026
SCANNÁN: ‘Cad é fuaimrian an tsaoil? – 100 Bliain na Gaeltachta, sraith nua físeán ó Tuairisc
tuairisc.ie
SCANNÁN: ‘Cad é fuaimrian an tsaoil? – 100 Bliain na Gaeltachta, sraith nua físeán ó Tuairisc
100 bliain ó leag Coimisiún na Gaeltachta síos teorainneacha na Gaeltachta, caitear súil i sraith nua físeán ar stair na Gaeltachta agus ar a bhfuil i ndán di… An teanga féin atá faoi chaibidil againn...
032
Reposted by Tòmas MacAilpein
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 21/05/2026
𝘗𝘪𝘢𝘵𝘢𝘯 Is ionnan 𝘱𝘪𝘢𝘵𝘢𝘯 agus 𝘱𝘦𝘢𝘵𝘢(𝘯). Tha na leanas mar chaob à deagh sgeulachd 🐯: 𝟭𝟴𝟵𝟱 𝘔𝘢𝘤-𝘛𝘢𝘭𝘭𝘢 IV No. 13. 3. Bha beatha ’n duine air a shàbhaladh, agus faodaidh sinn a bhi cinnteach nach do chum e piatan tigeir riamh tuilleadh.
An dealbh le Judith Kerr bhon leabhar 𝘛𝘩𝘦 𝘛𝘪𝘨𝘦𝘳 𝘞𝘩𝘰 𝘊𝘢𝘮𝘦 𝘵𝘰 𝘛𝘦𝘢 (1968). Tha tionndadh Gàidhlig, eadar-theangaichte le Gillebrìde Mac ’IlleMhaoil, a-nis ri fhaighinn an seo: https://www.gaelicbooks.org/rannsaich-an-bh%C3%B9th/clann/aois-5-8/an-tigear-a-thainig-gu-dinneir
021
Reposted by Tòmas MacAilpein
Tim Armstrong @drilseach.bsky.social · 20/05/2026
Tha mòran seòlaidh san nobhail ùir agam, agus mar sin, air a' bhlog agam, cuiridh mi suas 'faclair lèirsinneach' den bhriathrachas mharaiche a nochdas innte. Chan eil e deiseil fhathast, ach tha na dealbhan spòrsail, agus shaoil mi gun cuirinn beagan dhiubh suas an seo, cuideachd. Seo a dhà.
2103
Reposted by Tòmas MacAilpein
David Stifter 🍵📄🦊 @davidstifter.bsky.social · 16/05/2026
...ag Prof. Rossana Guglielmetti (Milano), bunaithe ar obair iomráiteach Giovanni Orlandi a thosaigh taighde a dhéanamh ar an Nauigatio sna 60í. Chun Lá Fhéile Bréanainn a cheiliúradh, tairgtear an leabhar seo ar mhargadh maith ar feadh dhá sheachtain. Téigí go dtí shop.dias.ie/product/navi.... /3
063
Reposted by Tòmas MacAilpein
David Stifter 🍵📄🦊 @davidstifter.bsky.social · 16/05/2026
Agus anois: rud éigin go bunúsach nua – eagrán nua Nauigatio St Brendani (Iomramh Naoimh Bhréanainn) le haistriúchán Béarla, díreach tar éis a fhoilsiú ag Scoil an Léinn Cheiltigh @scs-dias.bsky.social in Institiúd Ard-Léinn BÁC @dias.ie. Tá an eagrán nua seo déanta... /2
183
Reposted by Tòmas MacAilpein
Aonghus Ó hAlmhain @aonghusoha.bsky.social · 14/05/2026
m.independent.ie/frontpage/ni... Áitíonn Nic Liam sa tuarascáil gur theip ar an dá stát freastal go hiomlán ar phobal na Gaeilge agus na Gaeltachta, agus nach bhfuil ceachtar den dá chóras inchurtha le fíorshochaí dhátheangach nó cheartbhunaithe.
m.independent.ie
‘Ní samhail chonspóideach den náisiúnachas í an Ghaeilge’ - tuarascáil nua ag leagan amach fís don teanga in Éirinn Aontaithe
Tá an cheist bhunreachtúil ag éirí níos déine i gcónaí, ach go háirithe i ndiaidh an Bhreatimeachta, athruithe déimeagrafacha sna Sé Chontae, agus díospóireachtaí polaitiúla atá ag dul i méid ar fud a...
012
Tòmas MacAilpein @macailpein.bsky.social · 14/05/2026
Tha e math gu leòr gun tug daoine bòidean ann an Gàidhlig, ach ’s e samhlachas a tha ann mura h-eil iad làn-chomasach air an cànan a bhruidhinn an lùib an cuid obrach.
bbc.co.uk
Buill-phàrlamaid a' gabhail am bòidean sa Ghàidhlig
Ghabh sianar buill-phàrlamaid am bòidean sa Ghàidhlig ann an Holyrood, air thoiseach air seisean ùr na pàrlamaid.
151
Tòmas MacAilpein @macailpein.bsky.social · 14/05/2026
Chan eil mac-màthar anns a’ Phàrlamaid a tha fileanta ann an Gàidhlig?? Chan eil riochdachadh nan Gàidheal ann? Às dèidh bhliadhnaichean de dh’adhartas, ’s e cùis-mhaslaidh a tha seo. www.bbc.co.uk/news/live/c7...
051
Reposted by Tòmas MacAilpein
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 12/05/2026
🙂 Seo agaibh David! Tha an Dr David Mandić na Dheasaiche le uallach airson faclaireachd. ’S ann à Croatia a tha e agus thàinig a dh’Alba a’ leantainn na h-ùidh a bh’ aige ann an cànanan Ceilteach. 📖 Faic na h-inntridhean as ùire againn an seo: faclair.ac.uk/entries
022
Tòmas MacAilpein @macailpein.bsky.social · 13/05/2026
Na thlachd L agus R sèimhichte a lhorg air a’ bhlàr a-muigh 😉
Criomag bho An Gaidheal (Dara Mìos an t-Samhraidh, 1871), 1.
061
Reposted by Tòmas MacAilpein
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 08/05/2026
Nead-starraig Àite faire àrd air crann luinge. Crannag a chanas cuid ris. 𝟏𝟗𝟕𝟖 𝘋𝘈𝘚𝘎 𝘍𝘪𝘦𝘭𝘥𝘸𝘰𝘳𝘬 𝘈𝘳𝘤𝘩𝘪𝘷𝘦 Sgalpaigh na Hearadh Nead-na-starraig | crow’s nest. Ann an nead na starraig – in the crow’s nest of a mast in a sailing vessel, merchantman, merchant vessel. www.faclair.ac.uk/entries/65
Ìomhaigh: (1867) san àrainn phoblaich, bho Wikimedia Commons: https://commons.wikimedia.org/wiki/File:(1867)_p184_I_SCORESBYS_TUNNA.jpg
032
Reposted by Tòmas MacAilpein
John Walsh @nuachainteoir.bsky.social · 06/05/2026
Ómós do Colin Williams: scoláire iomráiteach, cara buan agus meantóir fial. My tribute to Colin Williams: renowned scholar of language revitalisation, friend and mentor. Cysga'n dawel Colin. tuairisc.ie/colin-willia...
tuairisc.ie
Colin Williams, saineolaí domhanda ar athneartú teangacha mionlaithe, tar éis bháis
Ó dheireadh na 1970idí, bhí Colin Williams ina chuairteoir rialta ar Éirinn, áit ar oibrigh sé le heagraíochtaí éagsúla Gaeilge agus é i mbun taighde
1104
Reposted by Tòmas MacAilpein
Tim Armstrong @drilseach.bsky.social · 05/05/2026
Aig a' chlò-bhualadair! Agus nach eil an còmhdach àlainn!! Taing mhòr do @phineas.bsky.social a tharraing an dealbh. Tha e dìreach sgoinneil.
1165
Reposted by Tòmas MacAilpein
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 02/04/2026
Cuairt-litir an Earraich 2026 Leugaibh na naidheachdan as ùire againn, air inntridhean is blogaichean ùra, turas rannsachaidh a dh’Èirinn agus naidheachd air Rannsachadh na Gàidhlig 2026. Càisg shona dhuibh! Cuairt-litir: sway.cloud.microsoft/VnDqvsInAjmb... #gàidhlig #gaidhlig #faclair
sway.cloud.microsoft
Faclair na Gàidhlig - Cuairt-litir | Newsletter
Tha tòrr againn ri innse ann an cuairt-litir an Earraich, le inntridhean ùire a' nochdadh agus sinn cuideachd a' coimhead air adhart ri cothroman ionnsachaidh agus tuilleadh rannsachaidh sna mìosan ri
022
Reposted by Tòmas MacAilpein
STEALL @steallmag.bsky.social · 31/03/2026
An nobhail ùr le Seonag Monk ga foillseachadh an-diugh! Bidh Seonag chòir a’ sgrìobhadh colbh grinn, eirmseach do STEALL. Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri a leughadh agus gun nochd lèirmheas san iris. 🦋🦋🦋 acairbooks.com/books/dealan... @acairbooks.bsky.social
074
Reposted by Tòmas MacAilpein
Lillis Ó Laoire @lillis.bsky.social · 20/03/2026
Comhghairdeas le John Shaw, ar cuireadh an iris seo le chéile inómós dó, leis na heagarthóirí, Virginia Blankenhorn, Rob Dunbar, agus Tiber Falzett. Meal a nàidheachd air na sgrìobadairean eile cuideachd. open.journals.ed.ac.uk/ScottishStud...
open.journals.ed.ac.uk
Scottish Studies
0103
Reposted by Tòmas MacAilpein
STEALL @steallmag.bsky.social · 20/03/2026
Math cluinntinn bho Iain Tormod ann an @leughleabhar.bsky.social gu bheil deagh àireamhan de #STEALL10 gan reic, agus cuid a' dol air feadh an t-saoghail. Feuch gum faigh thu an lethbhreac agad fhèin gun dàil! 📘📬 www.gaelicbooks.org/rannsaich-an...
083
Reposted by Tòmas MacAilpein
STEALL @steallmag.bsky.social · 20/03/2026
Ag iarraidh piseach a thoirt air do chuid dhàn? 📖🖊️ Tha deasaiche bàrdachd STEALL, Rody Gorman, a’ ruith cùrsa còig latha air Bàrdachd aig Sabhal Mòr Ostaig eadar 6 agus 10 Giblean 2026. Tuilleadh fiosrachaidh an seo: www.smo.uhi.ac.uk/events-cours... Abair cothrom! 🤩
063