Sign in

Faclair na Gàidhlig

@faclair.bsky.social
420 followers 85 following 299 posts

Faclair na Gàidhlig: Faclair eachdraidheil na #Gàidhlig / A historical dictionary of Scottish #Gaelic. www.faclair.ac.uk Le taic bho Bhòrd na Gàidhlig agus Comhairle Maoineachaidh na h-Alba.

PostsRepliesMedia
Reposted by Faclair na Gàidhlig
GPC Welsh Dictionary @gpcwelshdictionary.bsky.social · 24/09/2026
Word of the Day tasio www.geiriadur.ac.uk/gpc/gpc.html... To make a stack or rick of corn, hay etc; pile or heap up, bundle. Also tas(i)o, tasu, teisio etc. CC0 1.0 commons.wikimedia.org/wiki/File:Tu...
Stacking hay in South Australia (c.1915)
032
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 24/09/2026
🍂🍁 Newsletter – Autumn 2026 🍂🍁 At the start of autumn and a new academic year, we look back in this newsletter at our activity over the summer. We’ve been really busy! #Gaelic #lexicography #historicallexicography
sway.cloud.microsoft
Faclair na Gàidhlig – Cuairt-litir | Newsletter
’S e toiseach an fhoghair a tha ann agus toiseach bliadhna ùir acadaimigich. Anns a’ chuairt-litir seo bheir sinn sùil air ais air cuid dhe na bha sinn ris as t-samhradh. Abair gun robh sinn dripeil!
021
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 24/09/2026
🍂🍁 Cuairt-litir – Foghar 2026 🍂🍁 ’S e toiseach an fhoghair a tha ann agus toiseach bliadhna ùir acadaimigich. Anns a’ chuairt-litir seo bheir sinn sùil air ais air cuid dhe na bha sinn ris as t-samhradh. Abair gun robh sinn dripeil! #Gàidhlig #faclaireachd
sway.cloud.microsoft
Faclair na Gàidhlig – Cuairt-litir | Newsletter
’S e toiseach an fhoghair a tha ann agus toiseach bliadhna ùir acadaimigich. Anns a’ chuairt-litir seo bheir sinn sùil air ais air cuid dhe na bha sinn ris as t-samhradh. Abair gun robh sinn dripeil!
041
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 22/09/2026
CROGAN-FEANNAIG ~ sea urchin 🍥 New entry: www.faclair.ac.uk/entries/106 So what’s the Gaelic for sea urchin? Well, we have a long list of words and variants of the same word, across dialects...and we’re still finding more. #croganfeannaig #seaurchin #gaelic
Image description: Purple sea urchin (Sphaerechinus granularis), Portugal. The photography by Diego Delso, delso.photo (CC BY-SA).
172
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 22/09/2026
CROGAN-FEANNAIG 🍥 Inntreadh ùr: www.faclair.ac.uk/entries/106 Creutair-mara cruinn aig a bheil slige chruaidh agus gathan biorach; sea urchin (den ghnè Echinoidea). #croganfeannaig #seaurchin #Gàidhlig
Tuairisgeul mun ìomhaigh: Crogan-feannaig purpaidh (Sphaerechinus granularis), a’ Phortagail. An dealbh le Diego Delso, delso.photo (Cead CC BY-SA).
163
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 15/09/2026
LUMARAIDH ~ baggage, luggage; belongings more generally Entry: www.faclair.ac.uk/entries/81 This word is attested only from 1972 when it was used by Dr Finlay MacLeod in Na Balaich air Rònaidh, and where its sense was ‘gear’. #lumaraidh #Gaelic
Image description: ‘Luggage in King's Cross on the way to Platform 9¾’ by HarshLight (CC BY 2.0): https://flickr.com/photos/79172203@N00/29461933848
170
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 15/09/2026
LUMARAIDH 🛅 Inntreadh: www.faclair.ac.uk/entries/81 Facal math àraid. Mar a chithear san deilbh, tha ‘lumaraidh’ a’ ciallachadh mhàileidean, is bhagaichean. San fharsaingeachd, dh’fhaodadh i a bhith a-mach air trealaich, stuth no sealbhan pearsanta. #lumaraidh #Gàidhlig
Tuairisgeul na h-ìomhaigh: ‘Màileidean/lumaraidh ann an stèisean-trèana King’s Cross air an t-slighe gu àrd-ùrlar 9 3/4’ le HarshLight (Cead Creative Commons 2.0): https://flickr.com/photos/79172203@N00/29461933848
141
Reposted by Faclair na Gàidhlig
The Gaelic Books Council @leughleabhar.bsky.social · 09/09/2026
Tha naidheachd mhòr againn dhuibh! Bidh leabhraichean Gàidhlig nam pàirt den iomairt oifigeil aig @worldbookdayuk.bsky.social airson a' chiad uair! Leabhraichean le Uilleam Moireach (Cèic airson Màiri), Mòrag Anna NicNèill (Artair sa Chaisteal) agus Ceitidh Hutton (Grumpa agus na Nàbaidhean Ùra)!
163
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 11/09/2026
CUILEANN ~ holly (Ilex aquifolium) 🌿 Entry: www.faclair.ac.uk/entries/6 The short proverb ‘beul milis is cridhe cuilinn’ (a sweet mouth and a heart of holly) was collected by the Rev. Duncan Campbell (An t-Urr. Donnchadh Caimbeul, 1854–1938), from Benderloch, Argyll. #cuileann #Gaelic
Image description: an image of the European holly (Ilex aquifolium) by Pierre-Joseph Redouté (1801). In the public domain, and available here: https://commons.wikimedia.org/wiki/File:01_Ilex_aquifolium_par_Pierre-Joseph_Redout%C3%A9.jpeg
163
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 11/09/2026
CUILEANN 🌿 Inntreadh: www.faclair.ac.uk/entries/6 Craobh-chuilinn: craobh shìor-uaine, le duilleagan gleansach is gathach, agus le dearcan dearga sa gheamhradh. Holly (Ilex aquifolium). #cuileann #Gàidhlig
Tuairisgeul na h-ìomhaigh: dealbh den chuileann (Ilex aquifolium) le Pierre-Joseph Redouté (1801). San àrainn phoblaich, agus ri faotainn an seo: https://commons.wikimedia.org/wiki/File:01_Ilex_aquifolium_par_Pierre-Joseph_Redout%C3%A9.jpeg
121
Reposted by Faclair na Gàidhlig
Digital Archive of Scottish Gaelic DASG @dasg-glaschu.bsky.social · 03/09/2026
'Oidhche nam Bàrd a' cur iomall a' Mhòid gu dol': www.bbc.co.uk/naidheachdan...
bbc.co.uk
Oidhche nam Bàrd a' cur iomall a' Mhòid gu dol
Thèid Oidhche nam Bàrd a chumail ann an ionad-ealain Tramway an ceann a deas Bhaile Ghlaschu Diardaoin an 10mh den t-Sultain.
032
Reposted by Faclair na Gàidhlig
Digital Archive of Scottish Gaelic DASG @dasg-glaschu.bsky.social · 03/09/2026
Sgrìobhadair na Seachdaine (40): Uilleam Nèill (1922-2010). B' ann à Preastabhaig ann an Siorrachd Àir a bha Uilleam; agus b' tidsear agus bàrd a bh' ann. Sgrìobh e obraichean sa Ghàidhlig; sa Ghaeilge; sa Bheurla; agus sa Bheurla Ghallta. gd.wikipedia.org/wiki/Uilleam...
gd.wikipedia.org
Uilleam Nèill - Uicipeid
031
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 02/09/2026
CATHAG DHEARG-CHASACH Cuideachd: CATHAG NAN CASAN DEARGA Brath-bloga ùr: www.faclair.ac.uk/blog/379/gd ’S e a’ chathag dhearg-chasach (red-billed chough) a tha fon phrosbaig aig Tòmas anns a’ bhrath-bhloga ùr seo. Tha e a’ trusadh na fianais a tha againn ann an Gàidhlig air an eun ainneamh sa.
Ìomhaigh (san àrainn phoblaich) den chathaig dhearg-chasaich ~ red-billed chough. Maille rithe tha an às-earrann as tràithe a tha againn air an eun a thruis Edward Lhuyd mu 1700 ann an Earra-Ghàidheal.
055
Reposted by Faclair na Gàidhlig
Digital Archive of Scottish Gaelic DASG @dasg-glaschu.bsky.social · 20/08/2026
Sgrìobhadair na Seachdaine (38): Mairghread nighean Lachlainn (mu 1660 - mu 1750). Thathar a' creidsinn gum b' ann à Muile a bha Mairghread agus nach robh comas leughaidh no comas sgrìobhaidh aice. B' i sàr bhàrd a bh' innte a rinn dàin molaidh mu theaghlach uasal Seumasach.
021
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 20/08/2026
CATHAG ~ jackdaw Entry: www.faclair.ac.uk/entries/46 ‘The jackdaw is a lot smaller than the rook and has a little grey in it; thievish, cocky in its way, smart, gangly in its movement, and often kept as a pet by children.’ #cathag #jackdaw #Gaelic
231
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 20/08/2026
CATHAG ~ eun meadhanach mòr dubh is glas a tha càirdeach don fheannaig. An t-inntreadh: www.faclair.ac.uk/entries/46 #cathag #jackdaw
Cathag, ainm boireann. Dealbh den eun dubh is glas agus an às-earrann a leanas: "1955 Gairm 12 359 

Tha a’ chathag gu math nas lugha na an ròcas agus beagan glais innte; bradach, bragail ’na dòigh, spaideil, spàgach ’na gluasad, agus gu tric air a cumail ’na peata aig cloinn."
115
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 18/08/2026
GARMAN ~ fear dhe na croinn ann am beart-fhighe Inntreadh ùr: www.faclair.ac.uk/entries/99 Anns a’ Ghàidhlig Èireannaich, ’s e ‘garma’ a tha oirre seo: www.teanglann.ie/en/fgb/garma
Dealbh de bheart-fhige a dh’fhoillsicheadh ann am Faclair Dwelly ann an 1902, a’ comharrachadh far a bheil a’ gharman-shnàth agus a’ gharman-aodaich.
112
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 12/08/2026
DUBHAR GRÈINE ~ solar eclipse Seo post gu math anmoch mu chuspair a tha air beul an t-sluaigh an-diugh! Tha diofar dhòighean air ‘solar eclipse’ a ràdh ann an Gàidhlig. ’S e ‘dùbhradh na grèine’ as cumanta a rèir toraidhean Chorpas na Gàidhlig, agus tha ‘dubhadh na grèine’ ri chluinntinn gu tric.
Dubhar grèine ~ solar eclipse. A’ sealltainn dealbh a’ mìneachadh mar a dh’obraicheas ‘dubhadh na grèine’ bho leabhar le Donnachadh M. Conall a dh’fhoillsicheadh ann an 1857.
184
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 17/07/2026
Thàinig Rannsachadh na Gàidhlig 11 (2026) gu crìch an-dè. Bha sgioba Fhaclair na Gàidhlig air ar dòigh bruidhinn ann an ciad làn-choinneimh na co-labhairt Dimàirt. Agus, ’s e tlachd dhà-rìribh a bh’ ann a bhith a’ frithealadh na co-labhairt fhèin. Dh’ionnsaich sinn an t-uabhas bho òraidean chàich.
032
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 10/07/2026
The Faclair na Gàidhlig team will speak at the first plenary of #RannsachadhNaGàidhlig Tuesday 14 July, 9.30am–10.30am on ‘Adhartas ann am Faclaireachd Eachdraidheil na Gàidhlig’ (Progress in Gaelic Historical Lexicography). Simulataneous translation will be provided. rannsachadh2026.gla.ac.uk
061
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 10/07/2026
#RannsachadhNaGàidhlig2026 an-ath-sheachdain ann an Oilthigh Ghlaschu: rannsachadh2026.gla.ac.uk Bruidhnidh sgioba Faclair na Gàidhlig aig a’ chiad làn-choinneimh air Dimàirt 14 Iuchar, 9.30m–10.30m air ‘Adhartas ann am Faclaireachd Eachdraidheil na Gàidhlig’. Tha sinn a’ dèanamh fiughair ris!
132
Reposted by Faclair na Gàidhlig
GPC Welsh Dictionary @gpcwelshdictionary.bsky.social · 02/07/2026
Word of the Day penddu www.geiriadur.ac.uk/gpc/gpc.html... black-headed, black-topped; black-haired. The black-headed gull's head is dark brown, but appears black from a distance, usually between March and July. CC BY-SA 3.0 ArildV commons.wikimedia.org/wiki/File:Ch...
Black-headed gull
041
Reposted by Faclair na Gàidhlig
Y Geiriadur @geiriadur.bsky.social · 02/07/2026
Gair y Dydd penddu www.geiriadur.ac.uk/gpc/gpc.html... Du ei ben neu ei frig; du ei wallt. Mae pen yr wylan benddu yn frown tywyll, ond yn ymddangos yn ddu o bell, fel arfer rhwng mis Mawrth a mis Gorffennaf. CC BY-SA 3.0 ArildV commons.wikimedia.org/wiki/File:Ch...
Wylan benddu
041
Reposted by Faclair na Gàidhlig
Digital Archive of Scottish Gaelic DASG @dasg-glaschu.bsky.social · 02/07/2026
Facal an Latha (19): 'bus' (carbad). 'S ann bhon Laidinn, tron Fhraingis agus às dèidh sin tron Bheurla, a thàinig am facal 'bus' a-steach dhan Ghàidhlig. 'S e giorrachadh air an fhacal Laideannach 'omnibus' ("dhan a h-uile duine") a th' ann. www.etymonline.com/word/omnibus
etymonline.com
Omnibus - Etymology, Origin & Meaning
"long-bodied, four-wheeled public vehicle with seats for passengers," from French… See origin and meaning of omnibus.
031
Reposted by Faclair na Gàidhlig
Association for Scottish Literature @asls.org.uk · 01/07/2026
Gur duilich leam mar tha mi ’S mo chridhe ’n sàs aig bròn Bhon an uair a dh’fhàg mi Beanntan ard a’ cheò… —Dòmhnall Ruadh Chorùna, “An Eala Ban” The First Battle of the #Somme began #OTD, 1 July, 1916. Dòmhnall Ruadh Chorùna composed “An Eala Bhan” (“The White Swan”) during the battle #poem #WW1
An Eala Ban
Dòmhnall Ruadh Chorùna

Gur duilich leam mar tha mi
’S mo chridhe ’n sàs aig bròn
Bhon an uair a dh’fhàg mi
Beanntan ard a’ cheò
Gleanntannan a’ mhànrain
Nan loch, nam bàgh ’s nan sròm
’S an eala bhàn tha tàmh orra
Gach là air ’m bheil mi ’n tòir.

A Mhagaidh na bi tùrsach
A rùin, ged gheibhinn bàs –
Cò am fear am measg an t-sluaigh
A mhaireas buan gu bràth?
Chan eil sinn uile ach air chuairt
Mar dhìthein buaile fàs
Bheir siantannan na bliadhna sìos
’S nach tog a’ ghrian an àird.

Tha ’n talamh lèir mun cuairt dhìom
’Na mheallan suas ’s na neòil;
Aig na ’shells a’ bualadh –
Cha lèir dhomh bhuam le ceò:
Gun chlaisneachd aig mo chluasan
Le fuaim a’ ghunna mhòir;
Ach ged tha ’n uair seo cruaidh orm
Tha mo smuaintean air NicLeòid.

Mas e ’s gu bheil e ’n dàn dhomh
on bhlàr gun till mi beò
Is gu faic mi ’n t-àite
san deach ar n-àrach òg
Bidh sinne ’s crathadh làmh againn
is bilean blàth toirt phòg
’S mo ghealltanas bidh pàighte dhut
le fainne chur mud mheòir.

Oidhche mhath leat fhèin, a rùin
Nad leabaidh chùbhraidh bhlàth;
Cadal sàmhach air a chùl
’s do dhùsgadh sunndach slàn
Tha mise ’n seo san truinnsidh fhuair
’s nam chluasan fuaim a’ bhàis
Gun dùil ri faighinn às le buaidh –
Tha ’n cuan cho buan ri shnàmh.The White Swan
Donald MacDonald

Sad I consider my condition
With my heart engaged with sorrow
From the very time that I left
The high bens of the mist
The little glens of dalliance
Of the lochs, the bays and the forelands
And the white swan dwelling there
Whom I daily pursue.

Maggie, don’t be sad
Love, if I should die –
Who among men
Endures eternally?
We are all only on a journey
Like flowers in the deserted cattle fold
That the year’s elements will bring down
And that the sun cannot raise.

All the ground around me
Is like hail in the heavens;
With the shells exploding –
I am blinded by smoke:
My ears are deafened
By the roar of the cannon;
But though this time is hard on me,
My thoughts are on the girl MacLeod.

If it is fated to me
That from the battle I should return safe,
And see the place
Where we were nurtured young
We’ll shake hands
And warm lips shall kiss
And my promise be fulfilled to you
With a ring put round your finger.

Goodnight to you, love
In your warm, sweet-smelling bed;
May you have peaceful sleep and
May you waken healthy and in good spirits
I am here in the cold trench
With the clamour of death in my ears
With no hope of returning victorious –
The ocean is too wide to swim.
1124
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 01/07/2026
BODACH-STARRAIG 🌾👩‍🌾 www.faclair.ac.uk/entries/87 Is ionnan seo agus BODACH-RÒCAIS, mar a bha againn an-dè. Gu h-ìseal, leughar criomag bhon sgeulachd ghoirid èibhinn ‘Am Bas-àr’ a nochd anns a’ chiad àireamh de GAIRM (1952).
112
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 01/07/2026
BODACH-RÒCAIS ~ a scarecrow 👨🏻‍🌾 www.faclair.ac.uk/entries/88 𝟏𝟖𝟗𝟗 𝑀𝑎𝑐-𝑇𝑎𝑙𝑙𝑎 VII No. 42. 331 Lìon iad aodach Dhomhnuill deth ’n fhodar, a deanadh bodach-ròcais cho math ’sa sheas riamh air achadh. [𝑇ℎ𝑒𝑦 𝑓𝑖𝑙𝑙𝑒𝑑 𝐷𝑜𝑛𝑎𝑙𝑑’𝑠 𝑐𝑙𝑜𝑡ℎ𝑒𝑠 𝑤𝑖𝑡ℎ 𝑠𝑡𝑟𝑎𝑤, 𝑚𝑎𝑘𝑖𝑛𝑔 𝑎𝑠 𝑔𝑜𝑜𝑑 𝑎 𝑠𝑐𝑎𝑟𝑒𝑐𝑟𝑜𝑤 𝑎𝑠 𝑒𝑣𝑒𝑟 𝑠𝑡𝑜𝑜𝑑 𝑖𝑛 𝑎 𝑓𝑖𝑒𝑙𝑑.]
Image description: ‘Scarecrow’ from an advert in an American magazine, 1942. Source: https://www.flickr.com/photos/86821724@N00/275402356
130
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 01/07/2026
BODACH-RÒCAIS 👨🏻‍🌾 www.faclair.ac.uk/entries/88 Cumadh duine a chuirear ann an achadh airson eagal a chur air eòin gus nach ith iad sìl no bàrr. 𝟏𝟖𝟗𝟗 𝑀𝑎𝑐-𝑇𝑎𝑙𝑙𝑎 VII No. 42. 331 Lìon iad aodach Dhomhnuill deth ’n fhodar, a deanadh bodach-ròcais cho math ’sa sheas riamh air achadh. #bodachròcais
Tuairisgeul na h-ìomhaigh: ‘Scarecrow’ a nochd ann an sanas ann an iris Aimearaganach, 1942. Ri faotainn an seo: https://www.flickr.com/photos/86821724@N00/275402356
102
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 26/06/2026
FALLAID 🍞🍚🌾 www.faclair.ac.uk/entries/84 A sprinkling of meal or flour left after a baking. 𝟏𝟖𝟗𝟏 Nic-a-Phearsoin 𝐷𝑎̀𝑖𝑛 𝑎𝑔𝑢𝑠 𝑂𝑟𝑎𝑖𝑛 𝐺ℎ𝑎̀𝑖𝑑ℎ𝑙𝑖𝑔 123 ’S gur e mo chrìdh tha cràiteach, | A’ faicinn dol mo chàirdean, | Ga ’m pianadh ris an àiteach, | ’S nach dean am bàrr an fhallaid dhaibh.
Image description: children making biscuitsm with a dusting of flour (fallaid) on the counter. The photography by Nenad Stojković, with license CC 2.0. Available here: https://commons.wikimedia.org/w/index.php?curid=186476339
230
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 26/06/2026
FALLAID 🍞🍚🌾 www.faclair.ac.uk/entries/84 Craiteachan de mhin-fhlùir no de mhin eile. 𝟏𝟖𝟗𝟏 Nic-a-Phearsoin 𝐷𝑎̀𝑖𝑛 𝑎𝑔𝑢𝑠 𝑂𝑟𝑎𝑖𝑛 𝐺ℎ𝑎̀𝑖𝑑ℎ𝑙𝑖𝑔 123 ’S gur e mo chrìdh tha cràiteach, | A’ faicinn dol mo chàirdean, | Ga ’m pianadh ris an àiteach, | ’S nach dean am bàrr an fhallaid dhaibh.
Tuairisgeul na h-ìomhaigh: clann a’ dèanamh bhriosgaidean agus fallaid (craiteachan de mhin-fhlùir) air a’ chunntair. An dealbh-camara le Nenad Stojković, le cead CC 2.0. Ri faotainn an seo: https://commons.wikimedia.org/w/index.php?curid=186476339
042
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 19/06/2026
𝗿𝗼̀𝗰𝗮𝗶𝘀, 𝗿𝗼̀𝗰𝗮𝘀 ~ the rook Our latest entry: www.faclair.ac.uk/entries/86 𝙖𝟭𝟳𝟳𝟵 𝘚𝘰𝘯𝘨𝘴 𝘰𝘧 𝘑𝘰𝘩𝘯 𝘔𝘢𝘤𝘊𝘰𝘥𝘳𝘶𝘮 (1938) 66 Ceòl tha cho sgreataidh | Ri sgreadail nan ròcas. [𝘮𝘶𝘴𝘪𝘤 𝘢𝘴 𝘭𝘰𝘢𝘵𝘩𝘴𝘰𝘮𝘦 𝘢𝘴 [𝘵𝘩𝘦] 𝘴𝘤𝘳𝘦𝘦𝘤𝘩𝘪𝘯𝘨 𝘰𝘧 𝘳𝘰𝘰𝘬𝘴] #ròcas #ròcais #rook #CorvusFrugilegus
Image description: Rook (Corvus frugilegus) in Ayr, Scotland. Photograph by DickDaniels (https://theworldbirds.org/), from: https://commons.wikimedia.org/wiki/File:Rook_Corvus_frugilegus.jpg#/media/File:Rook_Corvus_frugilegus.jpg (CC BY-SA 3.0).
020
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 19/06/2026
𝗿𝗼̀𝗰𝗮𝗶𝘀, 𝗿𝗼̀𝗰𝗮𝘀 An t-inntreadh as ùire againn: www.faclair.ac.uk/entries/86 𝙖𝟭𝟳𝟳𝟵 𝘚𝘰𝘯𝘨𝘴 𝘰𝘧 𝘑𝘰𝘩𝘯 𝘔𝘢𝘤𝘊𝘰𝘥𝘳𝘶𝘮 (1938) 66 Ceòl tha cho sgreataidh | Ri sgreadail nan ròcas. Dè chanas tu fhèin ris an eun seo: ròcais, ròcas, ròcaideach, no fiù ’s cnàimheach? #ròcas #ròcais #rook #CorvusFrugilegus
Tuairisgeul na h-ìomhaigh: Ròcas (Corvus frugilegus) ann an Inbhir Àir, Alba. Dealbh-camara le DickDaniels (https://theworldbirds.org/), ri fhaighinn bho https://commons.wikimedia.org/wiki/File:Rook_Corvus_frugilegus.jpg#/media/File:Rook_Corvus_frugilegus.jpg (CC BY-SA 3.0).
022
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 19/06/2026
Coinneamh mhòr eile! Thàinig an Comataidh Deasachaidh againn cruinn còmhla an-dè ann an Oilthigh Ghlaschu. 👩‍🏫📖📚 Bhruidhinn sinn mu chuid de na tòimhseachain ris a bheil deasaichean an fhaclair a' gleac an-dràsta, m.e., ceann-fhaclan, faclan fillte, ainmearan gnìomhaireach, structar nan gnìomhairean.
Dealbh den fheadhainn a bha coinneamh a' Chomataidh Deasachaidh. Tha an Comataidh Deasachaidh fhèin a’ gabhail a-steach Marace Dareau, an Dr Charles Dillon (Foclóir Stairiúil na Gaeilge), an Dr Anthony Harvey (The Dictionary of Medieval Latin from Celtic Sources), Andrew Hawke (Geiriadur Prifysgol Cymru), Iain MacDhòmhnaill, an t-Ollamh Uilleam MacGill’Ìosa, an t-Ollamh Roibeard Ó Maolalaigh, agus an t-Ollamh Boyd Robasdan.

Bha Màiri NicCumhais (Dachaigh airson Stòras na Gàidhlig), Gillian Rothach (Sabhal Mòr Ostaig), agus sgioba Fhaclair na Gàidhlig cuideachd an sàs sa choinneimh.
022
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 09/06/2026
𝗺𝗮𝗶𝗱𝗲-𝗳𝗲𝗮𝗻𝗻𝗮𝗶𝗴 ~ a crow-stick New entry: www.faclair.ac.uk/entries/59 𝟭𝟵𝟵𝟳 𝘎𝘢𝘪𝘳𝘮 178 119 Theirte na maidean-feanaig ris na cabair air gach ceann den taigh ris an robh an sìoman air a cheangal aig na cinn. #Gaelic #Gàidhlig #taighdubh #maidefeannaig #sìoman
Image description: illustration adapted from 1902 Dwelly 𝘈 𝘎𝘢𝘦𝘭𝘪𝘤 𝘋𝘪𝘤𝘵𝘪𝘰𝘯𝘢𝘳𝘺 III 922, under the word 𝘵𝘢𝘪𝘨𝘩, house. Faic: https://archive.org/details/a-gaelic-dictionary-vol.-iii/page/922/mode/2up
110
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 09/06/2026
𝗺𝗮𝗶𝗱𝗲-𝗳𝗲𝗮𝗻𝗻𝗮𝗶𝗴 Inntreadh ùr: www.faclair.ac.uk/entries/59 𝟭𝟵𝟵𝟳 𝘎𝘢𝘪𝘳𝘮 178 119 Theirte na maidean-feanaig ris na cabair air gach ceann den taigh ris an robh an sìoman air a cheangal aig na cinn. #taighdubh #Gàidhlig #maidefeannaig #sìoman
Tuairisgeul mun ìomhaigh: Seo dealbh a gheibhear ann an 1902 Dwelly 𝘈 𝘎𝘢𝘦𝘭𝘪𝘤 𝘋𝘪𝘤𝘵𝘪𝘰𝘯𝘢𝘳𝘺 III 922, fon fhacal 𝘵𝘢𝘪𝘨𝘩. Tha iomradh aige an sin air ‘Am Maide feannaig’, ach b’ fheudar dhuinn seo a shoilleireachadh. 

Thuirt am fiosraiche aig Eideard Dwelly na leanas cuideachd: ‘ach […] tha daoine a nis a’ fàs cho Gallda nach foghainn daibh ach an nett-wire (sic) no na ròpan feòir as a’ bhùthaidh!’ seach a bhith a’ dèanamh an t-sìomain-fhraoich aca fhèin. 

Faic: https://archive.org/details/a-gaelic-dictionary-vol.-iii/page/922/mode/2up
142
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 05/06/2026
An t-seachdain sa chaidh, bha turas air leth aig sgioba Fhaclair na Gàidhlig a Bhaile Átha Cliath gus cèilidh air ar caraidean ann am Foclóir Stairiúil na Gaeilge, stèidhichte ann an togalach àlainn Acadamh Ríoga na hÉireann. #FoclóirStairiúilNaGaeilge @ria.ie
Luchd-obrach Fhoclóir Stairiúil na Gaeilge agus Fhaclair na Gàidhlig a' coinneachadh ann an Acadamh Ríoga na hÉireann, Baile Átha Cliath. 28 Cèitean 2026.
142
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 05/06/2026
FAIDHBHILE ~ the beech tree 🌳 www.faclair.ac.uk/entries/12 𝙖𝟭𝟴𝟮𝟮 𝘔𝘢𝘤𝘓𝘢𝘤𝘩𝘭𝘢𝘯’𝘴 𝘎𝘢𝘦𝘭𝘪𝘤 𝘝𝘦𝘳𝘴𝘦 (1937) 191 Thurluing e, ’s fo’n fhaibhill ghuirm | Dhruid ri bannrigh bhuirb nan creuchd. [𝘏𝘦 [𝘈𝘱𝘰𝘭𝘭𝘰] 𝘥𝘦𝘴𝘤𝘦𝘯𝘥𝘦𝘥, 𝘢𝘯𝘥 𝘶𝘯𝘥𝘦𝘳 𝘢 𝘨𝘳𝘦𝘦𝘯 𝘣𝘦𝘦𝘤𝘩 𝘵𝘳𝘦𝘦, 𝘩𝘦 𝘢𝘱𝘱𝘳𝘰𝘢𝘤𝘩𝘦𝘥 𝘵𝘩𝘦 𝘧𝘪𝘦𝘳𝘤𝘦 𝘲𝘶𝘦𝘦𝘯 𝘰𝘧 𝘵𝘩𝘦 𝘴𝘤𝘢𝘳𝘴.]
Image description: ‘The Kissing Beech’, a veteran tree in Kilvarock Castle, Croy, Inverness-shire. Source of the picture: https://www.facebook.com/photo/?fbid=122225949962101944&set=pcb.122225950046101944

Also see the Woodland Trust’s entry: https://ati.woodlandtrust.org.uk/tree-search/tree?treeid=28334#/
110
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 05/06/2026
FAIDHBHILE 🌳 www.faclair.ac.uk/entries/12 𝙖𝟭𝟴𝟮𝟮 𝘔𝘢𝘤𝘓𝘢𝘤𝘩𝘭𝘢𝘯’𝘴 𝘎𝘢𝘦𝘭𝘪𝘤 𝘝𝘦𝘳𝘴𝘦 (1937) 191 Thurluing e, ’s fo’n fhaibhill ghuirm | Dhruid ri bannrigh bhuirb nan creuchd. Seo às-earrann bho thionndadh Gàidhlig a rinn Eòghann MacLachlainn (1775–1822) air Leabhar 7 dhen Iliad.
‘Faidhbhile a’ Phògaidh’ no an Kissing Beech. ’S e seann-chraobh a tha seo faisg air Caisteal Chill Ràthaig, Crothaidh, Siorrachd Inbhir Nis. Tùs na deilbh: https://www.facebook.com/photo/?fbid=122225949962101944&set=pcb.122225950046101944

Faic an t-inntreadh aig Urras nan Coilltean: https://ati.woodlandtrust.org.uk/tree-search/tree?treeid=28334#/
112
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 26/05/2026
PLANAID ~ planet 🌎 A new entry: www.faclair.ac.uk/entries/85 We find the earliest attestation that we know of in a word list compiled by the Rev. Robert Kirk (1644–1692). 𝙖𝟭𝟲𝟵𝟮 Kirk 𝘝𝘰𝘤𝘢𝘣𝘶𝘭𝘢𝘳𝘺 (1702) Planèid [...] A Planet. #planaid #RobertKirk #Gàidhlig #Gaelic
A photograph of the Earth taken by Reid Wiseman on board the spaceshuttle Orion, as part of Artemis 2 – 3 April 2026. Source: https://images.nasa.gov/details/art002e000192
121
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 26/05/2026
PLANAID 🌎 Inntreadh ùr: www.faclair.ac.uk/entries/85 Lorgar an teisteas as tràithe as aithne dhuinn den fhacal ann an liosta fhaclan leis an Urr. Raibeart Kirk (1644–1692). 𝙖𝟭𝟲𝟵𝟮 Kirk 𝘝𝘰𝘤𝘢𝘣𝘶𝘭𝘢𝘳𝘺 (1702) Planèid [...] A Planet. #planaid #Gàidhlig #RaibeartKirk
Seo dealbh-camara den Talamh a thog Reid Wiseman air bòrd an t-soithich-fhànais Orion, mar phàirt de dh’Artemis 2 – 3 Giblean 2026. Tùs na deilbh an seo: https://images.nasa.gov/details/art002e000192
132
Reposted by Faclair na Gàidhlig
Association for Scottish Literature @asls.org.uk · 25/05/2026
Tha sinn air a bhith ri rudan do-dhèanta a-rithist. A’ crochadh san adhair, a’ feitheamh diog, tiotag, linn, nas fhàide nas àirde na bu chòir a bhith comasach. Chaidh leintean-T a dhèanamh dhinn mus do landaig sinn… —Pàdraig MacAoidh, “Ris an do-dhèanta” #poem #poetry #WorldFootballDay ⚽
Ris an do-dhèanta
Pàdraig MacAoidh

Tha sinn air a bhith ri rudan do-dhèanta a-rithist.
A’ crochadh san adhair, a’ feitheamh diog, tiotag, linn,
nas fhàide nas àirde na bu chòir a bhith comasach.
Chaidh leintean-T a dhèanamh dhinn mus do landaig sinn.

Tha sinn air fhaighinn tharais air na rudan as miosa,
a’ coiseachd nam mìltean fada sin – coig ceud, coig mìle –
gus cnàmhan agus buill-nasg a chur ceart, gus ar corragan a shìneadh,
agus mion-car a chur air an t-saoghal, tharais air a’ bhàr.

O agus chum sin ar n-anail nar milleanan,
air bhoile le chèile, a’ coimhead bàla a’ tùirling
na àrc àbhaisteach mìorbhaileach coileanta
agus a’ tuiteam, meath mar bhogha-frois, dhan talamh.

Seadh, rinn sinn rudan do-dhèanta. Ach a-nis –
ann am Miami, Boston, ge b’àit – tha againn rin dèanamh
a-rithist. Agus an uairsin, yes sir, nì sinn boogie,
ri òran sam bith a tha sinn ag iarraidh.At the Impossible
Peter Mackay

We’ve been at the impossible again. Levitating.
Hanging in the air one, two seconds, an age,
longer and higher than should be possible.
The T-shirts were printed before we’d hit the ground.

We have recovered from the worst of times,
walking long miles – five hundred, five thousand –
to wrest bones and ligaments back to fitness
and tip the world over with the last skelf of skin.

And we have held a million breaths
in frantic unison, watching a ball tumble
in its everyday, humdrum perfect parabola,
to fall plump as a rainbow back to earth.

O we’ve been at the impossible but must now –
in Miami, Boston, anywhere, anyhow –
do it all over again. And then yes sir, we shall boogie,
absolutely, to whatever song we choose.
0101
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 21/05/2026
𝘗𝘪𝘢𝘵𝘢𝘯 ~ a pet animal 𝟭𝟴𝟵𝟱 𝘔𝘢𝘤-𝘛𝘢𝘭𝘭𝘢 IV No. 13. 3. Bha beatha ’n duine air a shàbhaladh, agus faodaidh sinn a bhi cinnteach nach do chum e piatan tigeir riamh tuilleadh. [𝘛𝘩𝘦 𝘮𝘢𝘯’𝘴 𝘭𝘪𝘧𝘦 𝘸𝘢𝘴 𝘴𝘢𝘷𝘦𝘥, 𝘢𝘯𝘥 𝘸𝘦 𝘤𝘢𝘯 𝘣𝘦 𝘴𝘶𝘳𝘦 𝘵𝘩𝘢𝘵 𝘩𝘦 𝘯𝘦𝘷𝘦𝘳 𝘦𝘷𝘦𝘳 𝘬𝘦𝘱𝘵 𝘢 𝘱𝘦𝘵 𝘵𝘪𝘨𝘦𝘳 𝘢𝘨𝘢𝘪𝘯.]
The illustration by  Judith Kerr from  𝘛𝘩𝘦 𝘛𝘪𝘨𝘦𝘳 𝘞𝘩𝘰 𝘊𝘢𝘮𝘦 𝘵𝘰 𝘛𝘦𝘢 (1968). A Gaelic version of the book, translated by Gillebrìde Mac ’IlleMhaoil, is now available here: https://www.gaelicbooks.org/rannsaich-an-bh%C3%B9th/clann/aois-5-8/an-tigear-a-thainig-gu-dinneir
011
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 21/05/2026
𝘗𝘪𝘢𝘵𝘢𝘯 Is ionnan 𝘱𝘪𝘢𝘵𝘢𝘯 agus 𝘱𝘦𝘢𝘵𝘢(𝘯). Tha na leanas mar chaob à deagh sgeulachd 🐯: 𝟭𝟴𝟵𝟱 𝘔𝘢𝘤-𝘛𝘢𝘭𝘭𝘢 IV No. 13. 3. Bha beatha ’n duine air a shàbhaladh, agus faodaidh sinn a bhi cinnteach nach do chum e piatan tigeir riamh tuilleadh.
An dealbh le Judith Kerr bhon leabhar 𝘛𝘩𝘦 𝘛𝘪𝘨𝘦𝘳 𝘞𝘩𝘰 𝘊𝘢𝘮𝘦 𝘵𝘰 𝘛𝘦𝘢 (1968). Tha tionndadh Gàidhlig, eadar-theangaichte le Gillebrìde Mac ’IlleMhaoil, a-nis ri fhaighinn an seo: https://www.gaelicbooks.org/rannsaich-an-bh%C3%B9th/clann/aois-5-8/an-tigear-a-thainig-gu-dinneir
021
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 12/05/2026
🙂 Meet David! Dr David Mandić has worked at Faclair na Gàidhlig since 2024, as Editor and lexicography lead. He looks forward to continued work on the entries, including further study of Faclan bhon t-Sluagh. 📖 Find out more about Faclan bhon t-Sluagh in our blog, here: www.faclair.ac.uk/blog
010
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 12/05/2026
🙂 Seo agaibh David! Tha an Dr David Mandić na Dheasaiche le uallach airson faclaireachd. ’S ann à Croatia a tha e agus thàinig a dh’Alba a’ leantainn na h-ùidh a bh’ aige ann an cànanan Ceilteach. 📖 Faic na h-inntridhean as ùire againn an seo: faclair.ac.uk/entries
022
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 08/05/2026
Nead-starraig ~ crow’s nest Another word for this is crannag. 𝟏𝟗𝟕𝟖 𝘋𝘈𝘚𝘎 𝘍𝘪𝘦𝘭𝘥𝘸𝘰𝘳𝘬 𝘈𝘳𝘤𝘩𝘪𝘷𝘦 Sgalpaigh na Hearadh Nead-na-starraig | crow’s nest. Ann an nead na starraig – in the crow’s nest of a mast in a sailing vessel, merchantman, merchant vessel. www.faclair.ac.uk/entries/65
Image: An 1867 image in the public domain, from Wikimedia Commons: https://commons.wikimedia.org/wiki/File:(1867)_p184_I_SCORESBYS_TUNNA.jpg
030
Faclair na Gàidhlig @faclair.bsky.social · 08/05/2026
Nead-starraig Àite faire àrd air crann luinge. Crannag a chanas cuid ris. 𝟏𝟗𝟕𝟖 𝘋𝘈𝘚𝘎 𝘍𝘪𝘦𝘭𝘥𝘸𝘰𝘳𝘬 𝘈𝘳𝘤𝘩𝘪𝘷𝘦 Sgalpaigh na Hearadh Nead-na-starraig | crow’s nest. Ann an nead na starraig – in the crow’s nest of a mast in a sailing vessel, merchantman, merchant vessel. www.faclair.ac.uk/entries/65
Ìomhaigh: (1867) san àrainn phoblaich, bho Wikimedia Commons: https://commons.wikimedia.org/wiki/File:(1867)_p184_I_SCORESBYS_TUNNA.jpg
032
Reposted by Faclair na Gàidhlig
Library of the Royal Irish Academy @rialibrary.bsky.social · 05/05/2026
The Manuscript of the Week is RIA MS 23 M 70, Leabhar Gabhála/Book of Invasions. Leabhar Gabhála is not the name of a specific manuscript. Rather it is an origin legend of the Irish people that exists in many variant versions, in poetry and prose.
1135
Reposted by Faclair na Gàidhlig
Tim Armstrong @drilseach.bsky.social · 05/05/2026
Aig a' chlò-bhualadair! Agus nach eil an còmhdach àlainn!! Taing mhòr do @phineas.bsky.social a tharraing an dealbh. Tha e dìreach sgoinneil.
1165
Reposted by Faclair na Gàidhlig
Association for Scottish Literature @asls.org.uk · 30/04/2026
Tha sinn air a bhith ri rudan do-dhèanta a-rithist. A’ crochadh san adhair, a’ feitheamh diog, tiotag, linn, nas fhàide nas àirde na bu chòir a bhith comasach. Chaidh leintean-T a dhèanamh dhinn mus do landaig sinn… —Pàdraig MacAoidh, “Ris an do-dhèanta” www.heraldscotland.com/news/2605236...
Ris an do-dhèanta
Pàdraig MacAoidh

Tha sinn air a bhith ri rudan do-dhèanta a-rithist.
A’ crochadh san adhair, a’ feitheamh diog, tiotag, linn,
nas fhàide nas àirde na bu chòir a bhith comasach.
Chaidh leintean-T a dhèanamh dhinn mus do landaig sinn.

Tha sinn air fhaighinn tharais air na rudan as miosa,
a’ coiseachd nam mìltean fada sin – coig ceud, coig mìle –
gus cnàmhan agus buill-nasg a chur ceart, gus ar corragan a shìneadh,
agus mion-car a chur air an t-saoghal, tharais air a’ bhàr.

O agus chum sin ar n-anail nar milleanan,
air bhoile le chèile, a’ coimhead bàla a’ tùirling
na àrc àbhaisteach mìorbhaileach coileanta
agus a’ tuiteam, meath mar bhogha-frois, dhan talamh.

Seadh, rinn sinn rudan do-dhèanta. Ach a-nis –
ann am Miami, Boston, ge b’àit – tha againn rin dèanamh
a-rithist. Agus an uairsin, yes sir, nì sinn boogie,
ri òran sam bith a tha sinn ag iarraidh.At the Impossible
Peter Mackay

We’ve been at the impossible again. Levitating.
Hanging in the air one, two seconds, an age,
longer and higher than should be possible.
The T-shirts were printed before we’d hit the ground.

We have recovered from the worst of times,
walking long miles – five hundred, five thousand –
to wrest bones and ligaments back to fitness
and tip the world over with the last skelf of skin.

And we have held a million breaths
in frantic unison, watching a ball tumble
in its everyday, humdrum perfect parabola,
to fall plump as a rainbow back to earth.

O we’ve been at the impossible but must now –
in Miami, Boston, anywhere, anyhow –
do it all over again. And then yes sir, we shall boogie,
absolutely, to whatever song we choose.
011