iGàidhlig @igaidhlig.bsky.social · 16/09/2026Tha duilgheadasan aig an fhaclair, chan eil sinn buileach cinnteach dè tha ceàrr an turas seo. Dh'fhaodte gum bi sinn greis ga chàradh, glè dhuilich. Tha learngaelic.scot/dictionary ri làimh san eadar-àm. 011
iGàidhlig @igaidhlig.bsky.social · 15/05/2026Tha duilgheadas aig an Fhaclair Bheag an-dràsta fhèin, bidh sinn air ais cho luath 's a ghabhas. A rèir coltais, ged a tha autorenew againn, dhìochuimhnich na bleigeardan an àrainn againn ath-nuadhachadh... 111
iGàidhlig @igaidhlig.bsky.social · 05/03/2026Tha na mapaichean air ais, taing do Chatrìona agus @openstreetmap.bsky.social ❤️ soraidh slàn leis an fheadhainn ud a thòisicheas leis an litir G... dubh-bhleigeardan 062
iGàidhlig @igaidhlig.bsky.social · 04/03/2026Tha do charaid, tha iad air ais gu ìre, feumaidh sinn rudeigin a chur ceart airson 's gum faicear leacagan a' mhapa ach fhad 's a thathar leth-eòlach air mapa na h-Alba, bheir e co-dhiù nòisean dhut aig an ìre-sa 021
iGàidhlig @igaidhlig.bsky.social · 28/02/2026Glè dhuilich ach tha na mapaichean dheth. Bhuail cus bot farms orra am bliadhna agus tha Google a-nis ag iarraidh suim mhòr airgid oirnn. Tha sinn a' tagradh na aghaidh ach bheir sin ùine. Ag obair air fuasgladh eile ach aig an ìre-sa, chan urrainn dhuinn innse idir cuin a bhios iad air ais. 😭 022
iGàidhlig @igaidhlig.bsky.social · 09/07/2025Tha am Faclair air ais - tha am brath 'ud' air ais air na mapaichean <osna> Google... 110
iGàidhlig @igaidhlig.bsky.social · 09/07/2025Tha am faclair shìos, brute force attack air choireigin, tha sinn ag obair air, duilich 041
iGàidhlig @igaidhlig.bsky.social · 19/06/2025Tha fios againn nach eil na mapaichean aig an Fhaclair Bheag ag obair an-dràsta fhèin. Glè dhuilich, bidh sinn air ais cho luath 's a ghabhas. 041
iGàidhlig @igaidhlig.bsky.social · 10/03/2025Ok, ràinig e air Android, chan eil iPhone agam, an toir cuideigin sùil? 🙏 Briog air ≡ is an uair sin Settings » Languages agus tha Gàidhlig san liosta (fon litir G, chan ann fo S(cots Gaelic)) agus sin agaibh e! 176
iGàidhlig @igaidhlig.bsky.social · 10/03/2025Ma tha sibh a' cleachdadh OS no brabhsair Gàidhlig (Firefox, Vivaldi no Edge), nochdaidh Bluesky ann an Gàidhlig leis fhèin. Air mobile, feumaidh sinn feitheamh gus am bi tionndadh 1.99 sna h-app stores, cumaidh mi fios ribh! 1178
iGàidhlig @igaidhlig.bsky.social · 21/02/2025@libreoffice.bsky.social is there a problem with the localization site? All I've been getting for a few days is the below error message when I try to access translations.documentfoundation.org 000
iGàidhlig @igaidhlig.bsky.social · 22/01/2025Ok, tha am faclair ag obair a-rithist. Thachair dà mhaoim aig an aon àm, ionnsaigh le frithealaiche às an t-Sìn agus Microsoft a' feuchainn ri cus rudan a dhèanamh aig an aon àm. Dhiamh... Mòran taing airson a bhith cho foighidneach! ❤️ 071
iGàidhlig @igaidhlig.bsky.social · 22/01/2025Tha sinn air ais, sort of, tha e caran slaodach fhathast ach nas fheàrr na bha e an-dè. Ag obair air. 🙇 021
iGàidhlig @igaidhlig.bsky.social · 21/01/2025B' fheudar dhuinn stòr-dàta an fhaclair a chur dheth an-dràsta fhèin. Tha sinn an dòchas gum bi sinn air ais madainn a-màireach. Glè dhuilich ach ... Microsoft, cha chan mi an còrr... Had to turn the Faclair Beag database off right now, hopefully back tomorrow morning. Microsoft, nuff said ... 071
iGàidhlig @igaidhlig.bsky.social · 15/11/2023Tha am Faclair Beag air ais agus tha sinn an dòchas nach till an duilgheadas àraidh seo fhèin! 000
iGàidhlig @igaidhlig.bsky.social · 15/11/2023Tha fhios againn gu bheil duilgheadasan aig an fhaclair, tha sinn ag obair air, duilich! 011
iGàidhlig @igaidhlig.bsky.social · 30/09/2023Tha DASG air ais, nach math an naidheachd! dasg.ac.uk/gd #Gàidhlig 010
iGàidhlig @igaidhlig.bsky.social · 30/09/2023Tha gach rud ag obair mar bu chòir san Fhaclair Bheag an-diugh, is bradan toilichte mi 😄 010