Tha stampa Mhuile a’ sealltainn caora dhubh-cheannach. Air an lorg air feadh an eilein, bhon chladach gu na beanntan as àirde sa Ghleann, tha na caoraich a’ riochdachadh gnìomhachas cudromach air an eilean agus tha iad nan comharra daingeann air an fhearann is air na daoine a bhios ga obrachadh.